Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 18:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bhuail Daibhidh Hadareser rìgh Shobah gu ruig Hamat, nuair a chaidh e a dhaingneachadh a thighearnais aig abhainn Euphràtes.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Air an là sin fhèin rinn an Tighearna coicheangal ri Abram, ag ràdh, Dod shliochd-sa thug mi am fearann seo, o abhainn na h‑Eiphit gu ruig an abhainn mhòr, abhainn Euphràtes:

Agus nuair a chunnaic clann Amoin gu robh iad gràineil am fianais Dhaibhidh, chuir clann Amoin teachdairean uapa, agus thuarasdalaich iad Sirianaich Bhet-rehoib, agus Sirianaich Shoba, fichead mìle coisiche, agus o rìgh Mhaacah mìle fear, agus o Istob dà‑mhìle-dheug fear.

Bhuail Daibhidh mar an ceudna Hadadeser mac Rehoib, rìgh Shobah, nuair a chaidh e a chosnadh a chrìche air a h‑ais aig abhainn Euphràtes.

Agus bhuail e Mòab; agus bha na Mòabaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tabhartasan leo.

Agus thug Daibhidh uaithe mìle carbad, agus seachd mìle marcaiche, agus fichead mìle coisiche: agus gheàrr Daibhidh speirean eich nan carbad uile, ach dh’fhàg e dhiubh dìol ceud carbad.

Agus chaidh Solamh gu Hamat-sobah, agus thug e buaidh air.

Agus bha rìghrean cumhachdach ann an Ierusalem, a rìghich os an cionn-san uile air an taobh thall den abhainn; agus dh’ìocadh cìs, càin, agus cuspann dhaibh.

A Dhè, thilg thu uat sinn, sgap thu sinn, bha fearg ort. O till thusa rinn!

Chuir thu an talamh air chrith; bhris thu e; slànaich a bhriseadh, oir tha e air a luasgadh.

Agus suidhichidh mi do chrìochan on mhuir ruaidh eadhon gu ruig fairge nam Philisteach, agus on fhàsach gu ruig an abhainn: oir bheir mi thairis nur làimh luchd-àiteachaidh na tìre; agus tilgidh tu a‑mach iad as do làthair.

Agus ghabh Saul an rìoghachd os cionn Israeil, agus chog e air gach làimh an aghaidh a naimhdean gu lèir, an aghaidh Mhòaib, agus an aghaidh chloinn Amoin, agus an aghaidh Edoim, agus an aghaidh rìghrean Shobah, agus an aghaidh nam Philisteach: agus ge bè taobh a thionndaidh e, chlaoidh e iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan