Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 18:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bhuail e Mòab; agus bha na Mòabaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tabhartasan leo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus bhuail e na Mòabaich, agus thomhais e iad le còrd, gan tilgeadh sìos gu làr: eadhon le dà chòrd thomhais e a thabhairt bàis, agus le aon chòrd iomlan a ghleidheadh beò. Agus bha na Mòabaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tìodhlacan leo.

Agus thàinig i do Ierusalem le cuideachd ro‑mhòir, le càmhail a’ giùlan spìosraidh, agus ro‑mhòran òir agus chlachan luachmhor: agus thàinig i a dh’ionnsaigh Sholaimh, agus labhair i ris gach nì a bha na cridhe.

Agus thug iad leo gach fear a thìodhlac; soithichean airgid agus soithichean òir, agus trusganan, agus airm, agus spìosraidh, eich agus muileidean; cuibhreann bliadhna anns gach bliadhna.

Agus an dèidh seo bhuail Daibhidh na Philistich, agus cheannsaich e iad; agus ghlac e Gat agus a bhailtean beaga à làimh nam Philisteach.

Agus bhuail Daibhidh Hadareser rìgh Shobah gu ruig Hamat, nuair a chaidh e a dhaingneachadh a thighearnais aig abhainn Euphràtes.

Is e Mòab mo shoitheach-ionnlaid; os cionn Edoim tilgidh mi mo bhròg; thar Pailistin nì mi caithreim.

Ach leumaidh iad air guailnean nam Philisteach an taobh an iar; creachaidh iad le chèile muinntir na h‑àird an ear; air Edom agus Mòab leagaidh iad an làmh, agus bheir clann Amoin gèill dhaibh.

Cuiribhse uan a dh’ionnsaigh na tìre, o Shela an fhàsaich, gu sliabh nighean Shioin.

Chì mi e, ach chan ann a‑nis; amhaircidh mi air, ach chan ann am fagas: thig reul a‑mach à Iàcob, agus èiridh slat rìoghail à Israel, agus buailidh i oisnean Mhòaib, agus cuiridh i as do chloinn Shet uile.

Ach thubhairt mic Bheliail, Cionnas a shaoras am fear seo sinn? Agus rinn iad dìmeas air, agus cha tug iad tìodhlac sam bith da ionnsaigh: ach dh’fhan esan na thosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan