Agus chaidh a sheirbhisich uile thairis làimh ris; agus chaidh na Ceretich uile, agus na Peletich uile, agus na Gitich uile, sia ceud fear a thàinig na dhèidh o Ghat, thairis ron rìgh.
Agus chaidh a‑mach na dhèidh fir Ioaib, agus na Ceretich, agus na Peletich, agus na fir threuna uile: agus chaidh iad a‑mach à Ierusalem, a dhol air tòir Shèba mac Bhichri.
Agus chaidh Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, agus Benaiah mac Iehoiada, agus na Ceretich, agus na Peletich sìos, agus thug iad air Solamh marcachd air muileid rìgh Daibhidh; agus thug iad e gu Gihon.
Agus chuir an rìgh leis Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, agus Benaiah mac Iehoiada, agus na Ceretich, agus na Peletich; agus thug iad air marcachd air muileid an rìgh.
A chionn gum b’e an dreuchd-san a bhith fo làimh mic Aaroin, fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna, anns na cùirtean, agus anns na seòmraichean, agus ann an glanadh nan uile nithean naomha, agus ann an obair seirbhis taigh Dhè;
Mo thruaighe luchd-àiteachaidh sliosan na fairge, cinneach nan Cereteach: tha facal an Tighearna nur n‑aghaidh. O Chanàain, a thìr nam Philisteach, sgriosaidh mise thu, ionnas nach bi aon gad àiteachadh.
Bhris sinn a‑steach air taobh deas nan Cereteach, agus air a’ chrìch a bhuineas do Iùdah, agus air taobh deas Chàleib, agus loisg sinn Siclag le teine.