Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 18:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rìghich Daibhidh air Israel uile; agus bha e a’ cur an gnìomh breitheanais agus ceartais da shluagh uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus rìghich Daibhidh air Israel uile; agus rinn Daibhidh breitheanas agus ceartas da shluagh uile.

Na fir-chogaidh sin uile dom b’aithne dol an òrdagh blàir, le cridhe iomlan thàinig iad gu Hebron a dhèanamh Dhaibhidh na rìgh os cionn Israeil uile: agus mar an ceudna bha a’ chuid eile de Israel gu lèir de aon chridhe a‑chum Daibhidh a dhèanamh na rìgh.

Agus chuir e freiceadain ann an Edom; agus bha na h‑Edomaich uile nan seirbhisich aig Daibhidh gach taobh a chaidh e.

Agus bha Ioab mac Sheruiah os cionn na h‑armailte; agus Iehosaphat mac Ahiluid na sheanchaidh;

Mar seo rìghich Daibhidh mac Iese os cionn Israeil uile.

A Dhè, thoir do bhreitheanais don rìgh, agus d’fhìreantachd do mhac an rìgh.

Is iad ceartas agus breitheanas àite-tàimh do rìgh-chathrach; thèid tròcair agus fìrinn rod ghnùis.

Air fàs a uachdaranachd, agus air a shìth, cha tig crìoch, air cathair rìoghail Dhaibhidh, agus air a rìoghachd; a‑chum a daingneachadh agus a socrachadh le breitheanas agus le ceartas, o seo a‑mach agus gu sìorraidh: bheir eud Tighearna nan sluagh seo gu crìch.

An rìgh thu a chionn gu bheil thu gad dhùnadh fhèin ann an seudar? Nach d’ith agus nach d’òl d’athair, agus nach do rinn e cothrom agus ceartas? An sin shoirbhich leis.

Anns na làithean sin, agus anns an àm sin, bheir mise air Meanglan fìreantachd fàs suas do Dhaibhidh, agus cuiridh e an gnìomh breitheanas agus ceartas air an talamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan