Agus nuair a chunnaic clann Amoin gun do theich na Sirianaich, an sin theich iadsan mar an ceudna ro Abisai, agus chaidh iad a‑steach don bhaile: agus thill Ioab o chloinn Amoin, agus thàinig e gu Ierusalem.
Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, A‑nis nì Sèba mac Bhichri tuilleadh croin dhuinn na rinn Absalom: gabh thusa seirbhisich do thighearna, agus falbh air a thòir, air eagal gum faigh e dha fhèin bailtean daingnichte, agus gun tèid e as uainn.
Ach rinn Abisai mac Sheruiah còmhnadh ris, agus bhuail e am Philisteach, agus mharbh e e. An sin mhionnaich fir Dhaibhidh dha, ag ràdh, Cha tèid thu a‑mach nas mò maille rinne gu cath, a‑chum nach cuir thu as lòchran Israeil.
Agus bha Abisai bràthair Ioaib, mac Sheruiah, na cheann air triùir; agus thog e suas a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbh e; agus fhuair e ainm am measg thriùir.
Oir nuair a bha Daibhidh ann an Edom, agus a chaidh Ioab, ceannard an t‑slòigh, suas a dh’adhlacadh nam marbh, an dèidh dha gach fireannach ann an Edom a bhualadh,
Iad sin mar an ceudna choisrig rìgh Daibhidh don Tighearna, maille ris an airgead agus an òr a thug e o na cinnich seo uile; o Edom, agus o Mhòab, agus o chloinn Amoin, agus o na Philistich, agus o Amalec.
An sin fhreagair Daibhidh, agus thubhairt e ri Ahimelech an Hiteach, agus ri Abisai mac Sheruiah, bràthair Ioaib, ag ràdh, Cò a thèid sìos maille riumsa a dh’ionnsaigh Shauil don champ? Agus thubhairt Abisai, Thèid mise sìos maille riut.
An sin thubhairt Abisai ri Daibhidh, Thug Dia thairis do nàmhaid an‑diugh dod làimh: a‑nis uime sin, leig leam a bhualadh, guidheam ort, leis an t‑sleagh a dh’ionnsaigh na talmhainn aon uair, agus cha bhuail mi e an dara uair.