Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 18:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Iad sin mar an ceudna choisrig rìgh Daibhidh don Tighearna, maille ris an airgead agus an òr a thug e o na cinnich seo uile; o Edom, agus o Mhòab, agus o chloinn Amoin, agus o na Philistich, agus o Amalec.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus chrìochnaicheadh an obair uile a rinn rìgh Solamh airson taigh an Tighearna: agus thug Solamh a‑steach nithean naomhaichte Dhaibhidh a athair; eadhon an t‑airgead, agus an t‑òr, agus an t‑uidheam, chuir e am measg ionmhas taigh an Tighearna.

Agus ghabh Iehoas rìgh Iùdah na nithean coisrigte uile a choisrig Iehosaphat, agus Iehoram, agus Ahasiah a athraichean, rìghrean Iùdah, agus a nithean coisrigte fhèin, agus an t‑òr uile a fhuaireadh ann an ionmhasan taigh an Tighearna, agus taigh an rìgh, agus chuir e a dh’ionnsaigh Hasaeil rìgh Shiria e; agus dh’imich e o Ierusalem.

Chuir e Hadoram a mhac gu rìgh Daibhidh, a chur fàilte air, agus ga bheannachadh, a chionn gun do chog e an aghaidh Hadareseir, agus gun do bhuail e e (oir bha Hadareser a’ cogadh ri Tou); agus leis-san gach uile ghnè shoithichean òir, agus airgid agus umha.

Os bàrr, mharbh Abisai mac Sheruiah de na h‑Edomaich ann an gleann an t‑salainn ochd-mìle-deug.

A‑nis, feuch, ann am theanntachd dh’ullaich mise fa chomhair taigh an Tighearna ceud mìle tàlann òir, agus mìle de mhìltean tàlann airgid, agus de umha agus de iarann gun tomhas (oir tha ro‑phailteas ann): fiodh mar an ceudna agus clachan dh’ullaich mi; ach faodaidh tusa cur riu.

Agus de na Lèbhithich, bha Ahiah os cionn ionmhasan taigh Dhè, agus os cionn ionmhasan nan nithean naomha.

Ach cò mise, agus ciod iad mo shluagh, gum biodh e nar comas tabhartasan a thoirt seachad cho toileach air an dòigh seo? Oir is ann uatsa a tha na h‑uile nithean, agus is ann ded chuid fhèin a thug sinn dhut:

Agus chrìochnaicheadh an obair uile a rinn Solamh airson taigh an Tighearna: agus thug Solamh a‑steach nithean naomhaichte Dhaibhidh a athair: an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na h‑innealan uile, chuir e am measg ionmhasan taigh Dhè.

Togaibh nur measg tabhartas don Tighearna: gach neach aig a bheil cridhe toileach, thugadh e leis e, tabhartas don Tighearna; òr, agus airgead, agus umha,

Èirich agus buail an t‑arbhar, O nighean Shioin; oir nì mise d’adharc na h‑iarann, agus d’iongannan nan umha; agus buailidh tu nam bloighdean mòran chinneach; agus coisrigidh tu an ionmhas don Tighearna; agus am maoin do Thriath na talmhainn uile.

Ach tha an t‑airgead uile, agus an t‑òr, agus na soithichean umha agus iarainn, coisrigte don Tighearna: thig iad a‑steach do ionmhas an Tighearna.

Agus loisg iad am baile le teine, agus gach nì a bha ann: a‑mhàin an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na soithichean umha agus iarainn, chuir iad ann an ionmhas taigh an Tighearna.

Agus thubhairt Daibhidh ris, Cò leis thu, agus cia as a thàinig thu? Agus thubhairt esan, Is òganach Eiphiteach mi, seirbhiseach do Amaleceach; agus dh’fhàg mo mhaighistir mi, do bhrìgh gu robh mi tinn o chionn trì làithean.

Agus ghabh Daibhidh an treud uile, agus am buar: agus dh’imich iad ron sprèidh seo, agus thubhairt iad, Is i seo creach Dhaibhidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan