Na innsibh e ann an Gat, na cuiribh an cèill e ann an sràidean Asceloin; air eagal gum bi nigheanan nam Philisteach aoibhneach, air eagal gun dèan nigheanan nan neo-thimcheall-gheàrrte luathghaire.
A‑nis uime sin, guma toil leat taigh do sheirbhisich a bheannachadh, a‑chum gum bi e gu bràth ad fhianais: oir nuair a bheannaicheas tusa, a Thighearna, beannaichte bidh e gu bràth.
Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach dan ionnsaigh, agus thubhairt iad, Ciod a nì sinn ri àirc Dia Israeil? Agus fhreagair iadsan, Thugar àirc Dia Israeil mun cuairt gu Gat. Agus thug iad mun cuairt àirc Dia Israeil gu Gat.
Agus thugadh na bailtean a ghlac na Philistich o Israel air an ais do Israel, o Ecron eadhon gu Gat; agus shaor Israel an crìochan à làimh nam Philisteach; agus bha sìth eadar Israel agus na h‑Amoraich.