Agus bha mi leat gach taobh a chaidh thu, agus gheàrr mi as do naimhdean uile romhad, agus rinn mi dhut ainm cosmhail ri ainm nan daoine mòra a tha air an talamh.
Agus, feuch, tha mise maille riut, agus gleidhidh mi thu anns gach àite don tèid thu, agus bheir mi a‑rìs thu a dh’ionnsaigh na tìre seo; oir cha trèig mi thu, gus an dèan mi an nì sin a labhair mi riut.
Agus labhair Daibhidh ris an Tighearna briathran na laoidh seo, anns an là air an do shaor an Tighearna e à làimh a naimhdean uile, agus à làimh Shauil:
Agus bha mi maille riut anns gach àite don deachaidh tu, agus gheàrr mi as do nàimhdean uile od fhianais, agus rinn mi dhut ainm mòr, mar ainm nan daoine mòra a tha air an talamh.
An sin chuir Daibhidh freiceadain ann an Siria Dhamascais: agus bha na Sirianaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad leo tìodhlacan: agus ghlèidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e.
Agus bu bheag seo ad shùilean-sa, O Dhè, oir labhair thu mar an ceudna mu thaigh do sheirbhisich rè aimsir fhada ri teachd, agus thug thu meas orm a rèir staid duine àrd-inbhich, a Thighearna Dhè.
A‑nis uime sin, mar seo their thu rim sheirbhiseach Daibhidh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thug mi thu o chrò nan caorach, o leantainn nan caorach, gu bhith ad cheannard air mo shluagh Israel:
Agus dh’òrdaich mi àite dom shluagh Israel, agus shuidhich mi iad, agus gabhaidh iad còmhnaidh nan àite, agus cha ghluaisear iad tuilleadh: cha mhò a chlaoidheas clann na h‑aingidheachd iad tuilleadh, mar an toiseach,
Agus bha rìghrean cumhachdach ann an Ierusalem, a rìghich os an cionn-san uile air an taobh thall den abhainn; agus dh’ìocadh cìs, càin, agus cuspann dhaibh.
Thubhairt Daibhidh mar an ceudna, Mar as beò an Tighearna, buailidh an Tighearna e, no thig a là anns am faigh e bàs, no thèid e sìos don chath agus tuitidh e.