Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 17:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ge bè taobh a chaidh mi le Israel uile, an do labhair mi facal ri aon de bhritheamhan Israeil (don d’àithn mi mo shluagh a bheathachadh) ag ràdh, Carson nach do thog sibh dhomh taigh seudair?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Anns gach àite don d’imich mi maille ri cloinn Israeil uile, an do labhair mi facal ri aon air bith de bhritheamhan Israeil, don d’àithn mi mo shluagh Israel a bheathachadh, ag ràdh, Carson nach tog sibh dhòmhsa taigh seudair?

On là air an tug mi mo shluagh Israel a‑mach as an Eiphit, cha do thagh mi baile sam bith à uile threubhan Israel a thogail taighe, a‑chum gum biodh m’ainm an sin: ach thagh mi Daibhidh gu bhith os cionn mo shluaigh Israel.

Agus a bhàrr air seo, anns an ùine a chaidh seachad, eadhon nuair a bha Saul na rìgh, bu tusa a threòraich a‑mach agus a thug a‑steach Israel; agus thubhairt an Tighearna do Dhia riut, Beathaichidh tusa mo shluagh Israel, agus bidh tu ad cheannard air mo shluagh Israel.

A‑nis uime sin, mar seo their thu rim sheirbhiseach Daibhidh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thug mi thu o chrò nan caorach, o leantainn nan caorach, gu bhith ad cheannard air mo shluagh Israel:

Agus togaidh mi suas os an cionn aodhairean a dh’ionaltras iad, air chor is nach bi eagal orra tuilleadh, cha mhò a bhios geilt orra, cha mhò a bhios iad air an smachdachadh, deir an Tighearna.

A mhic an duine, dèan fàistneachd an aghaidh aodhairean Israeil, dèan fàistneachd, agus abair riu, O aodhairean, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Mo thruaighe aodhairean Israeil, a tha gam beathachadh fhèin! Nach bu chòir do na h‑aodhairean an treud a bheathachadh?

Agus seasaidh e, agus ionaltraidh e a threud ann an neart an Tighearna; ann am mòrachd ainm an Tighearna a Dhia; agus bidh iadsan air an iompachadh: oir a‑nis bidh esan mòr gu ruig crìochan na talmhainn.

Agus thusa Bhetlehem ann an tìr Iùdah, cha tu idir as lugha am measg ceannardan Iùdah: oir asadsa thig Uachdaran a stiùras mo shluagh Israel.

Agus na dhèidh sin mu thimcheall ceithir cheud agus lethcheud bliadhna, thug e dhaibh britheamhan, gu Samuel am fàidh.

Agus ciod a’ cho-rèite a tha aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sibhse teampall an Dè bheò; a rèir mar a thubhairt Dia, Gabhaidh mise còmhnaidh annta, agus gluaisidh mi nam measg; agus bidh mise am Dhia acasan, agus bidh iadsan nan sluagh agamsa.

Oir tha an Tighearna do Dhia ag imeachd am meadhon do champa, a‑chum do shaoradh, agus a‑chum do naimhdean a thoirt thairis romhad: uime sin bidh do champ naomh, a‑chum nach faic e nì sam bith neòghlan annad, agus nach till e air falbh uat.

A‑chum aingeal eaglais Ephesuis, sgrìobh: Is iad seo na nithean a tha an Tì a tha a’ cumail nan seachd reultan na làimh dheis, a tha ag imeachd ann am meadhon nan seachd coinnleirean òir, ag ràdh;

Agus chuir an Tighearna uaithe Ierubàal, agus Barac, agus Iephtah, agus Samuel, agus shaor e sibh à làimh ur naimhdean air gach taobh, agus ghabh sibh còmhnaidh gu tèarainte.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan