A‑nis uime sin, guma toil leat taigh do sheirbhisich a bheannachadh, a‑chum gum bi e gu bràth ad fhianais: oir nuair a bheannaicheas tusa, a Thighearna, beannaichte bidh e gu bràth.
Agus chriothnaich Isaac le ball-chrith anabarraich, agus thubhairt e, Cò, càit a bheil esan a ghlac sidheann, agus a thug i am ionnsaigh, agus dh’ith mi den iomlan mun tàinig thusa? Agus bheannaich mi e, seadh agus beannaichte bidh e.
Tillidh uime sin am fuil-san air ceann Ioaib, agus air ceann a shliochd gu bràth: ach aig Daibhidh, agus aig a shliochd, agus aig a thaigh, agus aig a rìgh-chathair, bidh sìth gu bràth on Tighearna.
Gidheadh roghnaich an Tighearna Dia Israeil mi ro uile thaigh m’athar, gu bhith ann am rìgh air Israel gu bràth: oir roghnaich e Iùdah mar fhear-riaghlaidh, agus à taigh Iùdah, taigh m’athar-sa, agus am measg mic m’athar bu toigh leis mise a dhèanamh ann am rìgh os cionn Israeil uile.
Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd;
Oir beannaichidh an Tighearna do Dhia thu, mar a gheall e dhut; agus bheir thu air iasad do mhòran chinneach, ach cha ghabh thu air iasad: agus bidh uachdaranachd agad air mòran chinneach, ach cha bhi uachdaranachd acasan ortsa.