Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 17:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Biodh e eadhon air a dhaingneachadh, agus àrdaichear d’ainm-sa gu bràth, ag ràdh, Is e Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, as Dia do Israel: agus biodh taigh Dhaibhidh do sheirbhiseach air a dhaingneachadh ad fhianais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

A‑nis, matà, a Thighearna, am facal a labhair thu mu thimcheall do sheirbhisich, agus mu thimcheall a thaighe, daingnichear e gu bràth, agus dèan mar a thubhairt thu.

Oir dh’fhoillsich thusa, O mo Dhia, dod sheirbhiseach gun togadh tu taigh dha: uime sin fhuair do sheirbhiseach na chridhe ùrnaigh a dhèanamh ad làthair.

An sin èisd thusa o na nèamhan, od àite-còmhnaidh, agus dèan a rèir nan uile nithean mun glaodh an coigreach riut; a‑chum gum bi eòlas aig uile shlòigh na talmhainn air d’ainm, agus gum bi eagal orra romhad, mar a tha air do shluagh Israel, agus gum bi fhios aca gun goirear d’ainm-sa air an taigh seo a thog mise.

Bi air d’àrdachadh, a Thighearna, ann ad neart; seinnidh sinne agus molaidh sinn do chumhachd.

Agus beannaichte gu robh a ainm glòrmhor-san gu sìorraidh, agus lìonar an talamh uile le a ghlòir! Amen agus Amen!

Agus biodh maise an Tighearna ar Dia oirnn, agus daingnich thusa obair ar làmh dhuinn; seadh, daingnich obair ar làmh.

Anns an àm sin, deir an Tighearna, bidh mise ann am Dhia do uile theaghlaichean Israeil, agus bidh iadsan dhòmhsa nan sluagh.

Agus thubhairt Ieremiah ri Sedeciah, Mar seo tha Iehòbhah, Dia nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Ma thèid thu gu deimhinn thairis gu cinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin, an sin mairidh d’anam beò, agus cha loisgear a’ chathair seo le teine; ach mairidh tu beò, thu fhèin agus do theaghlach.

Agus na leig ann am buaireadh sinn; ach saor sinn o olc: oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, gu sìorraidh. Amen.

Air an adhbhar sin dèanaibh-se ùrnaigh air a’ mhodh seo: Ar n‑Athair a tha air nèamh, Gu naomhaichear d’ainm.

Athair, glòraich d’ainm. An sin thàinig guth o nèamh, ag ràdh, Ghlòraich mi araon e, agus glòraichidh mi a‑rìs e.

Labhair Iosa na briathran seo; agus thog e suas a shùilean gu nèamh, agus thubhairt e, Athair, thàinig an uair; glòraich do Mhac, a‑chum gun glòraich do Mhac thusa mar an ceudna:

Agus gun aidicheadh gach teanga gur e Iosa Crìosd an Tighearna, a‑chum glòir Dhè an t‑Athair.

Ach a‑nis tha dèidh aca air dùthaich as fheàrr, eadhon dùthaich nèamhaidh: uime sin cha nàir le Dia gun goirear an Dia-san dheth, oir dh’ullaich e dhaibh baile.

Oir is e seo an coicheangal a nì mi ri taigh Israeil an dèidh nan làithean ud, tha an Tighearna ag ràdh; cuiridh mi mo reachdan nan inntinn, agus sgrìobhaidh mi iad air an cridheachan: agus bidh mi am Dhia dhaibh, agus bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa.

Ma labhras neach sam bith, labhradh e mar bhriathran Dhè; ma tha neach sam bith ri frithealadh, dèanadh e e mar on chomas a bheir Dia dha; a‑chum gum bi Dia air a ghlòrachadh anns na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd: dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.

Agus chuala mi guth mòr à nèamh ag ràdh, Feuch, tha pàillean Dhè maille ri daoine, agus nì esan còmhnaidh maille riu, agus bidh iadsan nan sluagh dha, agus bidh Dia fhèin maille riu, agus na Dhia dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan