Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 17:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis, matà, a Thighearna, am facal a labhair thu mu thimcheall do sheirbhisich, agus mu thimcheall a thaighe, daingnichear e gu bràth, agus dèan mar a thubhairt thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt thu, Gu cinnteach nì mi math dhut, agus nì mi do shliochd mar ghaineamh na fairge, nach faodar àireamh a‑thaobh lìonmhorachd.

Agus a‑nis, a Dhè Israeil, daingnichear, guidheam ort, d’fhacal, a labhair thu rid òglach Daibhidh m’athair.

Oir rinn thu do shluagh Israel nan sluagh dhut fhèin gu bràth; agus tha thusa, a Thighearna, ad Dhia aca.

Biodh e eadhon air a dhaingneachadh, agus àrdaichear d’ainm-sa gu bràth, ag ràdh, Is e Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, as Dia do Israel: agus biodh taigh Dhaibhidh do sheirbhiseach air a dhaingneachadh ad fhianais.

Gidheadh roghnaich an Tighearna Dia Israeil mi ro uile thaigh m’athar, gu bhith ann am rìgh air Israel gu bràth: oir roghnaich e Iùdah mar fhear-riaghlaidh, agus à taigh Iùdah, taigh m’athar-sa, agus am measg mic m’athar bu toigh leis mise a dhèanamh ann am rìgh os cionn Israeil uile.

A‑nis, a Thighearna Dhè, coileanar do ghealladh do Dhaibhidh m’athair: oir rinn thu mise ann am rìgh air sluagh, lìonmhor mar dhuslach na talmhainn.

Cuimhnich am facal dod òglach, as an tug thu orm earbsa.

A‑chum gun coilean mi na mionnan a mhionnaich mi dur n‑athraichean gun tugainn dhaibh fearann a’ sruthadh le mil agus le bainne, mar air an là‑an‑diugh. An sin fhreagair mise, agus thubhairt mi, Amhlaidh biodh, O Thighearna.

Agus thubhairt Muire, Feuch banoglach an Tighearna; biodh e dhòmhsa a rèir d’fhacail. Agus dh’fhalbh an t‑aingeal uaipe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan