Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 17:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O Thighearna, chan eil neach ann cosmhail riutsa, agus chan eil Dia ann ach thusa, a rèir gach nì a chuala sinn le ar cluasan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

A Thighearna, is ann airson do sheirbhisich agus a rèir do chridhe fhèin a rinn thu na nithean mòra seo uile, a‑chum gun dèanadh tu na nithean mòra seo gu lèir aithnichte.

Agus cia an cinneach air thalamh cosmhail rid shluagh Israel, a chaidh Dia a shaoradh mar shluagh dha fhèin, a dhèanamh ainme dhut fhèin, a dhèanamh nithean mòra agus uamhasach le cinnich fhògradh rod shluagh, a shaor thu as an Eiphit?

A Dhè, le ar cluasan chuala sinn, dh’innis ar n‑athraichean dhuinn an obair a rinn thu nan làithean-san, anns na làithean o shean.

Chan eil do shamhail-sa am measg nan diathan, a Thighearna, agus chan eil obraichean ann cosmhail rid obraichean-sa.

Oir cò ann am flaitheanas a choimeasar ris an Tighearna? Cò am measg mic nan cumhachdach a shamhlaichear ris an Tighearna?

A Thighearna Dhè nan slògh, cò a tha cosmhail riut? Treun tha thusa, a Thighearna, agus tha d’fhìrinn mun cuairt dhut.

Oir tha thusa, a Thighearna, àrd os cionn na talmhainn uile; tha thu air d’àrdachadh gu mòr os cionn nan uile dhiathan.

Cò as cosmhail riutsa am measg nan diathan, a Thighearna? Cò a tha cosmhail riut, glòrmhor ann an naomhachd, uamhasach ann am moladh, a’ dèanamh nithean iongantach?

A‑nis, tha fhios agam gur mò an Tighearna na na h‑uile dhiathan; oir anns an nì sin anns an do rinn iad gu h‑uaibhreach, bha esan os an cionn.

Agus thubhairt esan, A‑màireach. Agus thubhairt e, Biodh e a rèir d’fhacail: a‑chum is gum bi fhios agad nach eil neach ann cosmhail ris an Tighearna ar Dia.

Oir air an àm seo cuiridh mise mo phlàighean uile air do chridhe-sa, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh; a‑chum is gum bi fhios agad nach eil neach ann cosmhail riumsa anns an talamh uile.

Cò ris, mas eadh, a shamhlaicheas sibh Dia? Agus ciod an coslas a nì sibh dha?

Cò ris, ma ta, a shamhlaicheas sibh mise, no a choimeasar mi? deir an Tì naomh.

Is sibhse m’fhianaisean-sa, deir an Tighearna, eadhon m’òglach a roghnaich mi; a‑chum gun aithnich agus gun creid sibh mi; agus gun tuig sibh gur mi Esan; romhamsa cha robh dia sam bith air a dhealbhadh, cha mhò a bhios aon am dhèidh.

Mar seo deir an Tighearna, rìgh Israeil, agus a fhear-saoraidh, Tighearna nan sluagh, Is mi an ciad neach, agus is mi an neach deireannach; agus a‑mach uamsa chan eil dia ann.

Seallaibh riumsa, agus bithibh air ur tèarnadh, uile iomallan na talmhainn; oir is mise Dia, agus chan eil atharrachadh ann.

Is mi an Tighearna, agus chan eil ann ach mi; a‑mach uamsa chan eil Dia ann: crioslaichidh mi thu, agus thu aineolach orm.

A stiùir iad aig deaslàimh Mhaois le a ghàirdean glòrmhor; a’ sgoltadh nan uisgeachan roimhe, a dhèanamh ainm sìorraidh dha fhèin?

A‑nis dhàsan don comas na h‑uile nithean a dhèanamh gu h‑anabarrach ro‑phailt, thar gach nì as urrainn sinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a’ chumhachd a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annainn,

O Thighearna Dhè, thòisich thu air do mhòrachd agus do làmh chumhachdach a nochdadh dod òglach: oir cò an dia air nèamh no air talamh as urrainn a dhèanamh a rèir d’obrach-sa, agus a rèir do chumhachd-sa?

Chan eil neach cosmhail ri Dia Iesuruin, a tha a’ marcachd air nèamh ad chòmhnadh, agus na mhòrachd air na speuran.

Dhutsa nochdadh e, a‑chum gum biodh fios agad gur e an Tighearna as Dia ann; chan eil ann ach e.

Biodh agad fios uime sin an‑diugh, agus thoir fa‑near ad chridhe, gur e an Tighearna as Dia ann air nèamh shuas, agus air an talamh a‑bhos: chan eil ann ach e.

Chan eil neach air bith naomh mar an Tighearna; oir chan eil neach ann ach thu, agus chan eil carraig ann mar ar Dia-ne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan