Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 17:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A Thighearna, is ann airson do sheirbhisich agus a rèir do chridhe fhèin a rinn thu na nithean mòra seo uile, a‑chum gun dèanadh tu na nithean mòra seo gu lèir aithnichte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Airson d’fhacail, agus a rèir do chridhe fhèin, rinn thu na nithean mòra seo uile, a thoirt air do sheirbhiseach eòlas a ghabhail orra.

Ciod tuilleadh as urrainn Daibhidh a ràdh riut, airson urram do sheirbhisich? Ach is aithne dhut do sheirbhiseach.

O Thighearna, chan eil neach ann cosmhail riutsa, agus chan eil Dia ann ach thusa, a rèir gach nì a chuala sinn le ar cluasan.

Urramach agus glòrmhor tha a obair-san; mairidh a fhìreantachd gu bràth.

Chuir e neart a obrach an cèill da shluagh, le oighreachd nan cinneach a thabhairt dhaibh.

O a Thighearna, gu deimhinn is mi d’òglach, mac do bhanoglaich; sgaoil thu mo chuibhreach.

Agus dìonaidh mise a’ chathair seo a‑chum a tèarnadh, air mo sgàth fhèin, agus air sgàth Dhaibhidh m’òglach.

Feuch m’òglach, a chumas mi suas; m’aon taghte, anns a bheil tlachd aig m’anam: chuir mi mo Spiorad air; foillsichidh e breitheanas do na cinnich.

Agus thubhairt e rium, Is tu m’òglach, O Israeil, anns am bi mi air mo ghlòrachadh.

A‑nis, uime sin, O ar Dia, èisd ùrnaigh d’òglaich, agus a athchuinge, agus thoir air do ghnùis dealradh air d’ionad naomh a tha na làraich, air sgàth an Tighearna.

Seadh, Athair, do bhrìgh gum b’ann mar sin a bha do dheagh thoil-sa.

A rèir an rùin shìorraidh a rùnaich e ann an Iosa Crìosd ar Tighearna:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan