Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 17:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bidh mi am athair dha, agus bidh esan na mhac dhòmhsa, agus cha toir mi mo thròcair air falbh uaithe, mar a thug mi uaithesan a bha romhadsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus da mhac-san bheir mi aon treubh, a‑chum gum bi lòchran aig Daibhidh m’òglach an còmhnaidh am fhianais ann an Ierusalem, am baile a thagh mi dhomh fhèin a chur m’ainme an sin.

Agus nach d’fhiosraich e den Tighearna: uime sin mharbh e e, agus thionndaidh e an rìoghachd a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, mac Iese.

Togaidh esan taigh dhomh, agus daingnichidh mi a rìgh-chathair gu bràth.

Agus suidhichidh mi e ann am thaigh agus ann am rìoghachd gu bràth: agus bidh a rìgh-chathair daingeann gu bràth.

Pògaibh am Mac air eagal gum bi fearg air, agus gun sgriosar sibh anns an t‑slighe, nuair a lasas ach gu beag a chorraich. Is beannaichte iadsan uile a dh’earbas as.

Cuiridh mi an cèill òrdagh an Tighearna: thubhairt e rium, Is tu mo mhac-sa; an‑diugh ghin mi thu.

Aomaibh ur cluas, agus thigibh am ionnsaigh-sa; èisdibh, agus mairidh ur n‑anam beò; agus nì mi ribh coicheangal sìorraidh, eadhon tròcairean cinnteach Dhaibhidh.

Bidh e mòr, agus goirear Mac an Tì as ro‑àirde dheth; agus bheir an Tighearna Dia dha rìgh-chathair a athar fhèin Daibhidh.

Agus thàinig guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach-sa; èisdibh ris.

Is toigh leis an Athair am Mac, agus thug e na h‑uile nithean na làimh.

Agus bidh mi am Athair dhuibh, agus bidh sibhse nur mic agus nur nigheanan dhòmhsa, tha an Tighearna uile-chumhachdach ag ràdh.

Oir cò de na h‑aingil ris an dubhairt e uair air bith, Is tu mo Mhac-sa, an‑diugh ghin mi thu? Agus a‑rìs, Bidh mise am Athair dhàsan, agus bidh esan na Mhac dhòmhsa?

Agus thubhairt Samuel ris, Reub an Tighearna rìoghachd Israeil dhìotsa an‑diugh, agus thug e i dod choimhearsnach, as fheàrr na thusa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan