1 Eachdraidh 17:11Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a choileanar do làithean, agus gur èiginn dhut triall maille rid athraichean, togaidh mise suas do shliochd ad dhèidh, a bhios ded mhic; agus daingnichidh mi a rìoghachd-san. Faic an caibideil |
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, caidlidh tusa maille rid athraichean; agus èiridh an sluagh seo suas, agus thèid iad le strìopachas an dèidh diathan na tìre coimhich sin da bheil iad a’ dol a‑steach gu fantainn na meadhon, agus trèigidh iad mise, agus brisidh iad mo choicheangal a rinn mi riu.