Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 16:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Aspah an ceann, agus na dhèidh-san Sechariah, an sin Ieiel, agus Semiramot, agus Ieheil, agus Matitiah, agus Eliab, agus Benaiah, agus Obed-edom; agus Ieiel le saltairean agus clàrsaichean; agus Asaph le ciombalan a’ dèanamh fuaim:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus chluich Daibhidh agus taigh Israeil uile am fianais an Tighearna, air gach inneal-ciùil de fhiodh giuthais, eadhon air clàrsaichean, agus air saltairean, agus air nabalan, agus air tiompanan, agus air ciombalan.

Agus dh’fhàg e an sin fa chomhair àirc choicheangal an Tighearna, Asaph agus a bhràithrean, a fhrithealadh air beulaibh na h‑àirce an còmhnaidh, mar a dh’iarradh obair gach là:

Agus dh’òrdaich e cuid de na Lèbhithich a fhrithealadh ro àirc an Tighearna, agus a chur air chuimhne agus a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna Dia Israeil:

Benaiah mar an ceudna agus Iahasiel na sagartan, le trompaidean a‑ghnàth ro àirc coicheangal Dhè.

Tahat a mhac-san, Uriel a mhac-san, Udsiah a mhac-san, agus Saul a mhac-san.

Agus a bhràthair Asaph (a sheas air a làimh dheis), eadhon Asaph mac Bherachiah, mhic Shimea,

Agus chuir e na Lèbhithich ann an taigh an Tighearna le ciombalan, le saltairean, agus le clàrsaichean, a rèir àithne Dhaibhidh agus Ghaid, fear-seallaidh an rìgh, agus Nàtain am fàidh: oir b’i sin àithne an Tighearna le làimh a fhàidhean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan