Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 16:43

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhalbh an sluagh uile, gach duine da thaigh fhèin: agus thill Daibhidh a bheannachadh a thaighe fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Oir is aithne dhomh e, gun toir e àithne da chloinn agus da theaghlach na dhèidh, agus gleidhidh iadsan slighe an Tighearna, a’ dèanamh ceartais agus breitheanais; a‑chum is gun toir an Tighearna air Abrahàm an nì sin a labhair e ma thimcheall.

Air an ochdamh là leig e air falbh an sluagh: agus bheannaich iad an rìgh agus chaidh iad a dh’ionnsaigh am bùthan, subhach agus aoibhinn nan cridhe, airson a’ mhaith uile a rinn an Tighearna do Dhaibhidh a sheirbhiseach agus da shluagh Israel.

A‑nis nuair a bha Daibhidh na shuidhe na thaigh, thubhairt Daibhidh ri Nàtan am fàidh, Feuch, tha mise am chòmhnaidh ann an taigh seudair, ach tha àirc coicheangal an Tighearna fo chùirteanan.

Iomchairidh mi mi fhèin gu glic air slighe ionraic. O cuin a thig thu am ionnsaigh? Gluaisidh mi ann an ionracas mo chridhe ann am meadhon mo thaighe.

Agus ma mheasar e olc leibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna, roghnaichibh an‑diugh cò don dèan sibh seirbhis; an ann do na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis, a bha air taobh thall na h‑aibhne, no do dhiathan nan Amorach, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nan tìr: ach air mo shon-sa, agus airson mo thaighe, nì sinne seirbhis don Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan