1 Eachdraidh 16:4Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus dh’òrdaich e cuid de na Lèbhithich a fhrithealadh ro àirc an Tighearna, agus a chur air chuimhne agus a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna Dia Israeil: Faic an caibideil |
Agus bha iad mar aon a’ dèanamh fuaim le trompaidean, agus a’ seinn, a thoirt air aon ghuth a bhith air a chluinntinn a mholadh agus a thoirt buidheachais don Tighearna. Ach nuair a thog iad suas an guth leis na trompaidean, agus na ciombalan, agus na h‑innealan-ciùil, agus a bha iad a’ moladh an Tighearna, a chionn gu bheil e math, a chionn gum mair a thròcair gu bràth; an sin lìonadh an taigh le neul, taigh an Tighearna.