Agus Sadoc an sagart, agus a bhràithrean na sagartan, fa chomhair pàillean an Tighearna, anns an àit àrd a bha ann an Gibeon,
Agus bha Sadoc mac Ahituib, agus Ahimelech mac Abiatair nan sagartan, agus Seraiah na sgrìobhaiche;
Ach cha robh Sadoc an sagart, agus Benaiah mac Iehoiada, agus Nàtan am fàidh, agus Simei, agus Rei, agus na fir threuna, a bhuineadh do Dhaibhidh, maille ri Adoniah.
Agus chaidh an rìgh do Ghibeon a dh’ìobradh an sin, oir b’e sin am mòr-àit àrd: mìle ìobairt-loisgte thug Solamh suas air an altair sin.
Agus Sadoc, òganach ro‑threun, agus de thaigh a athar dà cheannard ar fhichead.
Agus ghairm Daibhidh air Sadoc agus Abiatar na sagartan, agus air na Lèbhithich, air Uriel, Asaiah agus Ioel, Sedmaiah, agus Eliel, agus Aminadab,
Oir bha pàillean an Tighearna a rinn Maois anns an fhàsach, agus altair na h‑ìobairt-loisgte, anns an àm sin anns an àit àrd ann an Gibeon.
Agus thàinig Solamh on àit àrd a bha ann an Gibeon gu Ierusalem, o làthair pàillean a’ choitheanail, agus rìghich e os cionn Israeil.