Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 16:38

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus Obed-edom, agus am bràithrean, ochd agus trì-fichead: Obed-edom mar an ceudna, mac Iedutuin, agus Hosah, nan dorsairean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus cha b’àill le Daibhidh àirc an Tighearna a thionndadh da ionnsaigh fhèin gu baile Dhaibhidh: ach thug Daibhidh a lethtaobh i gu taigh Obed-edoim an Giteach.

Agus thàinig iad agus ghlaodh iad ri dorsairean a’ bhaile, agus dh’innis iad dhaibh, ag ràdh, Chaidh sinne gu camp nan Sirianach, agus, feuch, cha robh duine air bith an sin, no guth duine, ach eich ceangailte, agus asail ceangailte, agus na bùthan mar a bha iad.

Agus dh’fhan àirc Dhè maille ri teaghlach Obed-edoim na thaigh trì mìosan. Agus bheannaich an Tighearna taigh Obed-edoim, agus gach nì a bha aige.

O Iedutun: mic Iedutuin: Gedaliah, agus Seri, agus Iesaiah, agus Simei, agus Hasabiah, agus Matitiah, sianar fo làimh an athar Iedutun, a bha ri fàidheadaireachd le clàrsaich a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna.

Agus bha aig Hosah, de chloinn Mherari mic; Simri an ceann (oir ged nach b’e an ciad-ghin, gidheadh rinn a athair e na cheann):




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan