Guma beannaichte an Tighearna, a thug suaimhneas da shluagh Israel, a rèir nan uile nithean a labhair e: cha do thuit aon fhacal gu làr de a bhriathran matha uile, a labhair e le làimh Mhaois, a òglach fhèin.
Agus bheannaich Esra an Tighearna, an Dia mòr: agus fhreagair an sluagh uile, Amen, Amen, a’ togail suas an làmh. Agus chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh don Tighearna len aghaidhean ris an talamh.
Agus thubhairt na Lèbhithich, Iesua agus Cadmiel, Bani, Hasabniah, Serebiah, Hodiah, Sebaniah, agus Petahiah, Eiribh, beannaichibh an Tighearna ur Dia gu saoghal nan saoghal: agus beannaichte gu robh d’ainm glòrmhor-sa, a tha air àrdachadh os cionn gach beannachaidh agus cliù.
Saor sinn, a Thighearna ar Dia, agus tionail sinn o mheasg nan cinneach, a‑chum buidheachas a thabhairt dod ainm naomh-sa, a‑chum caithreim a dhèanamh ann ad chliù.
Thubhairt eadhon am fàidh Ieremiah, Amen: gun dèanadh an Tighearna mar sin; gun coileanadh an Tighearna do bhriathran a rinn thu fhàistneachd, le soithichean taigh an Tighearna, agus gach nì eile a thugadh air falbh ann am bruid, a thoirt air an ais o Bhàbilon a‑chum an àite seo.
No nuair a bheannaicheas tu leis an spiorad, cionnas a their an tì, a tha ann an àite an duine gun fhòghlam, Amen rid bhreith-buidheachais, o nach aithne dha an nì a tha thu ag ràdh?
Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd;
Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh.