Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 16:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus abraibh-se, Tèarainn sinn, O Dhè ar slàinte, agus cruinnich ri chèile sinn, agus saor sinn o na cinnich, a‑chum gun toir sinn moladh dod ainm naomh-sa, agus gun dèan sinn uaill ann ad chliù.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

A‑chum gun tugadh iad fa‑near a reachdan, agus gun gleidheadh iad a laghan. Molaibh an Tighearna.

O gun tigeadh slàinte Israeil a‑mach à Sion! Nuair a bheir an Tighearna air ais braighdeanas a shluaigh, nì Iàcob gàirdeachas, nì Israel aoibhneas.

A Dia nì sinne uaill air feadh an là, agus d’ainm-sa molaidh sinn gu sìorraidh. Selah.

O gun tigeadh slàinte Israeil a‑mach à Sion! An uair a bheir Dia air ais braighdeanas a shluaigh, nì Iàcob gàirdeachas, nì Israel aoibhneas.

An sluagh seo dhealbh mi air mo shon fhèin; cuiridh iad an cèill mo chliù.

Anns an Tighearna fìreanaichear uile shliochd Israeil, agus nì iad uaill.

Gad shaoradh on t‑sluagh, agus o na Cinnich, a‑chum a bheil mi a‑nis gad chur,

A‑chum, a rèir mar a tha e sgrìobhte, An tì a nì uaill, dèanadh e uaill anns an Tighearna.

Ionnas gum bitheamaid-ne, a chuir air tùs dòchas ann an Crìosd, a‑chum cliù a ghlòire-san.

An sin bheir an Tighearna do Dhia air ais do bhraighdeanas, agus nì e iochd riut, agus tillidh e agus cruinnichidh e thu as na h‑uile chinnich a‑chum an do sgap an Tighearna do Dhia thu.

Tha sibhse mar an ceudna mar chlachan beò air ur togail suas nur taigh spioradail, nur sagartachd naomh, a‑chum ìobairtean spioradail a thoirt suas, taitneach do Dhia tre Iosa Crìosd.

Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan