Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 16:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Biodh na nèamhan ait, agus dèanadh an talamh gàirdeachas; agus abradh iad am measg nan cinneach, Tha an Tighearna a’ rìoghachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Biodh eagal oirbh na fhianais-san, gach uile thìr: daingnichear an domhan leis, air chor is nach gluaisear e.

Ardaichidh mi thu, mo Dhia, mo Rìgh, agus beannaichidh mi d’ainm gu saoghal nan saoghal.

Cuiridh na nèamhan an cèill glòir Dhè, agus nochdaidh na speuran gnìomh a làmh.

Tha Dia na Rìgh os cionn nan cinneach; tha Dia na shuidhe air rìgh-chathair a naomhachd.

Molaidh na nèamhan d’iongantasan, a Thighearna; mar an ceudna d’fhìrinn ann an coitheanal nan naomh.

Abraibh am measg nan cinneach, Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; mar an ceudna daingnichear an domhan, a‑chum nach gluaisear e; bheir e breith air na slòigh le ceartas.

Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; biodh aiteas air an talamh; dèanadh na h‑eileanan lìonmhor gàirdeachas.

Togaibh iolach ait don Tighearna, a thìrean uile; togaibh ur guth, dèanaibh gàirdeachas agus seinnibh cliù.

Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; criothnaicheadh na slòigh; tha e na shuidhe eadar ceruban; biodh crith air an talamh.

Oir is e an Tighearna ar britheamh; is e an Tighearna ar fear-tabhairt lagha; is e an Tighearna ar Rìgh; tèarnaidh e sinn.

Seinnibh, O nèamhan, oir thug an Tighearna gu crìch; togaibh iolach, O dhoimhneachdan na talmhainn; brisibh a‑mach le ceileir, a shlèibhtean; O dhoire, agus gach craobh a tha ann; oir shaor an Tighearna Iàcob, agus ghlòraich e e fhèin ann an Israel.

Seinnibh gu h‑àrd, O nèamhan, agus dèan gàirdeachas, O thalamh; agus togaibh iolach, O shlèibhtean; oir thug an Tighearna comhfhurtachd da shluagh, agus gabhaidh e truas da mhuinntir a tha fo àmhghar.

Agus na leig ann am buaireadh sinn; ach saor sinn o olc: oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, gu sìorraidh. Amen.

Mar an ceudna tha mi ag ràdh ribh, Tha gàirdeachas an làthair ainglean Dhè airson aon pheacaich a nì aithreachas.

Agus thubhairt an t‑aingeal riu, Na biodh eagal oirbh: oir feuch, tha mi ag innse dhuibh deagh sgeul mòr-aoibhneis, a bhios don uile shluagh:

Agus chuala mi mar ghuth mòr-shluaigh, agus mar fhuaim mòran uisgeachan, agus mar thoirm tàirneanaich chumhachdaich, ag ràdh, Haleluia: oir tha an Tighearna Dia uile-chumhachdach a’ rìoghachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan