Thugaibh don Tighearna an t‑urram as cubhaidh da ainm: thugaibh tabhartas leibh, agus thigibh na làthair; sleuchdaibh don Tighearna ann am maise na naomhachd.
Tha an Tighearna a’ rìoghachadh, tha e air a sgeadachadh le mòralachd; tha an Tighearna air a sgeadachadh le neart, agus chrioslaich e e fhèin; tha an saoghal mar an ceudna air a dhaingneachadh, a‑chum nach gluaisear e.
Mar seo deir an Tighearna, Ann an àm taitneach chuala mi thu, agus ann an là na slàinte chuidich mi thu; agus gleidhidh mi thu, agus bheir mi thu mar choicheangal don t‑sluagh; a dhaingneachadh na tìre, agus a thabhairt air na h‑oighreachdan fàsail a bhith air an sealbhachadh;
Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:
Agus shèid an seachdamh aingeal a thrompaid; agus bha guthan mòra air nèamh, ag ràdh, Rinneadh rìoghachdan an t‑saoghail nan rìoghachdan dar Tighearna, agus da Chrìosd-san; agus rìoghaichidh e gu saoghal nan saoghal.