Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 16:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus roinn e air gach aon de Israel, eadar fhir agus mhnathan, do gach aon, buileann arain, agus mìr math feòla, agus cupan fìona.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus mhosgail Solamh, agus, feuch, b’aisling a bha ann agus thàinig e gu Ierusalem, agus sheas e am fianais àirc coicheangal an Tighearna, agus thug e suas ìobairtean-loisgte, agus dh’ìobair e ìobairtean-sìth, agus rinn e cuirm da sheirbhisich uile.

Agus nuair a chuir Daibhidh crìoch air na h‑ìobairtean-loisgte a thoirt suas, agus na h‑ìobairtean-sìth, bheannaich e an sluagh ann an ainm an Tighearna.

Agus dh’òrdaich e cuid de na Lèbhithich a fhrithealadh ro àirc an Tighearna, agus a chur air chuimhne agus a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna Dia Israeil:

Oir thug Heseciah rìgh Iùdah suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus seachd mìle caora; agus thug na h‑uachdarain suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus deich mìle caora: agus naomhaich mòran shagart iad fhèin.

An sin thubhairt e riu, Imichibh, ithibh nithean reamhar, agus òlaibh nithean milis, agus cuiribh cuibhreannan dan ionnsaigh-san do nach d’ullaicheadh nì air bith; oir tha an là seo naomh dar Tighearna: agus na bithibh ri bròn, oir is e gàirdeachas an Tighearna ur neart.

Cumaibh suas mi le cùirn, sgapaibh ùbhlan mum thimcheall, oir tha mi tinn le gràdh.

Air an adhbhar sin caoinidh Mòab; airson Mhòaib caoinidh gach aon; airson bunait Chir-hareseit nì sibh tuireadh: gu cinnteach tha iad air am bualadh.

Agus buinidh e don phrionnsa tabhartasan-loisgte, agus tabhartasan-bìdh, agus tabhartasan-dibhe a thoirt uaithe air na làithean fèille, agus air na gealaichean nuadha, agus air na sàbaidean, agus air uile àrd-fhèillean taigh Israeil: deasaichidh e an tabhartas-peacaidh, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartas-loisgte, agus na tabhartasan-sìthe, a dhèanamh rèite airson taigh Israeil.

Os bàrr thubhairt an Tighearna rium, Imich a‑rìs, gràdhaich bean (ionmhainn le a caraid, ged tha i na ban-adhaltranaich) a rèir gràdh an Tighearna do chloinn Israeil, ged tha iadsan ag amharc ri diathan eile, agus a’ gràdhachadh cupanan fìona.

Thugaibh aoidheachd da chèile gun ghearan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan