Thugaibh don Tighearna an t‑urram as cubhaidh da ainm: thugaibh tabhartas leibh, agus thigibh na làthair; sleuchdaibh don Tighearna ann am maise na naomhachd.
Agus nuair a thug e comhairle don t‑sluagh, dh’òrdaich e luchd-seinn don Tighearna, daoine a mholadh maise na naomhachd, nuair a thigeadh iad a‑mach ron armailt, agus a theireadh, Thugaibh buidheachas don Tighearna, oir gu bràth mairidh a thròcair.
Dùisg, dùisg, cuir umad do neart, O Shion; cuir umad do chulaidh sgiamhach, O Ierusaleim, a chathair naomh; oir cha tèid an neo-thimcheall-gheàrrte agus an neòghlan a‑steach annad nas mò.
Mar an ceudna, a mhic an duine, nach tachair e anns an là anns am buin mise uapa an neart, aoibhneas an glòire, miann an sùl, agus an nì sin air an suidhich iad an inntinn, am mic, agus an nigheanan;
A chionn gun do rinn iad dheth èideadh àillidh agus sgiamhach, leis an do sgeadaich iad dealbhan gràineil an nithean fuathach, uime sin bheir mise fa‑near gum buinear e uapa.
Ag ràdh, Amen: Moladh, agus glòir, agus gliocas, agus buidheachas, agus urram, agus cumhachd, agus neart gu robh dar Dia-ne gu saoghal nan saoghal. Amen.
Uime sin nì sibh dealbhan ur neasgaidean, agus dealbhan ur luchan, a tha a’ milleadh na tìre; agus bheir sibh glòir do Dhia Israeil: theagamh gun aotromaich e a làmh dhibh, agus de ur diathan, agus de ur tìr.