Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 16:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha glòir agus mòralachd na làthair; neart agus subhachas na ionad-san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Oir is iodhalan uile dhiathan nan cinneach; ach is e an Tighearna a rinn na nèamhan.

Thugaibh don Tighearna, sibhse fhineachan nan sluagh, thugaibh don Tighearna urram agus neart.

An sin thubhairt e riu, Imichibh, ithibh nithean reamhar, agus òlaibh nithean milis, agus cuiribh cuibhreannan dan ionnsaigh-san do nach d’ullaicheadh nì air bith; oir tha an là seo naomh dar Tighearna: agus na bithibh ri bròn, oir is e gàirdeachas an Tighearna ur neart.

Feuchaidh tu dhomh slighe na beatha; tha lànachd aoibhneis ad làthair-sa; tha mòr-shubhachas aig do dheaslàimh gu sìorraidh.

O Iehòbhah ar Tighearna, cia òirdheirc d’ainm air feadh na talmhainn uile! a shocraich do ghlòir os cionn nan nèamh.

Tha urram agus mòralachd na fhianais, neart agus maise na ionad naomh.

Agus chunnaic mi mar dhreach òmair, mar choslas teine gach taobh a‑staigh ann: o thaisbeanadh a leasraidh, agus os a chionn, agus o thaisbeanadh a leasraidh agus foidhe, chunnaic mi mar gum biodh ann coslas teine, agus e dealrach mun cuairt.

Athair, is àill leam an dream a thug thu dhomh, gum bi iad maille rium, far a bheil mi; a‑chum gum faic iad mo ghlòir a thug thu dhomh: oir ghràdhaich thusa mi mun do leagadh bunaitean an domhain.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan