Togaibh ur sùilean an àird, agus feuchaibh, cò a chruthaich iad seo: Esan a bheir a‑mach an armailtean air àireamh; a ghairmeas orra uile air an ainm; tro mheud a neirt agus treise a chumhachd, cha bhi aon air chall.
Mar seo deir an Tighearna Dia, esan a chruthaich na nèamhan, agus a shìn a‑mach iad; a sgaoil a‑mach an talamh agus na chinneas as; a tha a’ tabhairt anail don t‑sluagh a tha air, agus deò dhaibhsan a tha ag imeachd air:
Mar seo deir an Tighearna, d’fhear-saoraidh, agus esan a dhealbh thu on bhroinn: Is mise an Tighearna, cruithear nan uile nithean; a tha a’ sìneadh nan nèamhan a‑mach am aonar; a tha a’ sgaoileadh na talmhainn leam fhèin;
Os bàrr, tha sibh a’ faicinn agus a’ cluinntinn gu bheil am Pòl seo le a chomhairle air tionndadh air falbh sluagh mòr, chan ann a‑mhàin ann an Ephesus, ach cha mhòr anns an Asia uile, ag ràdh nach diathan iad a nìthear le làmhan:
Uime sin, mu thimcheall ithe nan nithean sin a dh’ìobradh do iodhalan, tha fhios againne nach nì air an domhan iodhal, agus nach eil Dia sam bith eile ann ach a h‑aon.
Ag ràdh le guth àrd, Biodh eagal Dhè oirbh, agus thugaibh glòir dha; oir thàinig uair a bhreitheanais: agus dèanaibh adhradh dhàsan a rinn nèamh, agus talamh, agus an fhairge, agus na tobraichean uisge.