Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 16:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha do leig e le duine sam bith eucoir a dhèanamh orra; agus smachdaich e rìghrean air an son,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus bhuail an Tighearna Phàraoh agus a thaigh le plàighean mòra, airson Shàrai bean Abraim.

Agus thàinig Dia gu Abimelech ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Feuch, is duine marbh thu airson na mnà a ghabh thu; oir is bean duine eile i.

Agus thàinig Dia gu Làban an Sirianach ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Thoir an aire nach labhair thu ri Iàcob aon chuid math no olc.

Tha e an comas mo làimhe-sa cron a dhèanamh ort: ach labhair Dia d’athar rium a‑raoir, ag ràdh, Thoir an aire nach labhair thu ri Iàcob aon chuid math no olc.

Mura biodh gu robh Dia m’athar, Dia Abrahàim, agus eagal Isaaic maille rium, gu cinnteach chuireadh tu a‑nis air falbh mi falamh. Chunnaic Dia m’àmhghar agus saothair mo làmh, agus chronaich e thu a‑raoir.

Agus a chaidh iad o chinneach gu cinneach, agus o rìoghachd gu sluagh eile;

Seo gheibh iad airson an uabhair, a chionn gun tug iad masladh, agus gun do mheudaich iad iad fhèin an aghaidh cinneach Tighearna nan sluagh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan