Agus a chaidh iad o chinneach gu cinneach, agus o rìoghachd gu sluagh eile;
Agus bha gorta anns an tìr: agus chaidh Abram sìos don Eiphit, gu bhith air chuairt an sin; do bhrìgh gu robh a’ ghorta mòr anns an tìr.
Agus dh’imich Abrahàm as a sin don tìr mu dheas, agus ghabh e còmhnaidh eadar Cadeis agus Sur, agus bha e air chuairt ann an Gèrar.
Agus thubhairt e, Is mise Dia, Dia d’athar: na biodh eagal ort dol sìos don Eiphit; oir nì mise ad chinneach mòr thu an sin:
Agus ghabh iad an sprèidh, agus am maoin, a fhuair iad ann an tìr Chanàain, agus thàinig iad don Eiphit, Iàcob agus a shliochd uile maille ris;
Nuair nach robh iad ach ro‑thearc ann an àireamh, agus nan coigrich ann,
Cha do leig e le duine sam bith eucoir a dhèanamh orra; agus smachdaich e rìghrean air an son,