Agus daingnichidh mi mo choicheangal eadar mise agus thusa agus do shliochd ad dhèidh nan ginealaichean, mar choicheangal sìorraidh, gu bhith am Dhia dhutsa agus dod shliochd ad dhèidh.
Cluinnibh am facal seo a labhair an Tighearna nur n‑aghaidh, O chlann Israeil, an aghaidh an uile theaghlaich a thug mi a‑nìos o thìr na h‑Eiphit, ag ràdh,
A‑mhàin bha tlachd aig an Tighearna ann ad athraichean gu an gràdhachadh, agus thagh e an sliochd nan dèidh, eadhon sibhse os cionn gach sluaigh, mar air an là‑an‑diugh.
Oir is sluagh naomh don Tighearna do Dhia thusa: thagh an Tighearna do Dhia thu gu bhith ad shluagh àraidh dha fhèin, os cionn gach sluaigh a tha air aghaidh na talmhainn.
Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin: