Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 16:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Iarraibh an Tighearna agus a neart, iarraibh a ghnùis a‑ghnàth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Dèanaibh-se uaill na ainm naomh: dèanadh cridhe na muinntir a tha ag iarraidh an Tighearna gàirdeachas.

Ach a‑nis èirich thusa, a Thighearna Dhè, dod àite-suaimhneis, thu fhèin, agus àirc do neirt. Biodh do shagartan, a Thighearna Dhè, air an sgeadachadh le slàinte, agus dèanadh do naoimh gàirdeachas ann am maitheas.

Is e seo ginealach na dream a dh’iarras e, a dh’iarras do ghnùis, a Dhia Iàcoib. Selah.

Tha mòran ag ràdh, Cò a nochdas dhuinn nì math? Tog oirnne solas do ghnùise, a Thighearna.

Gun dèanadh Dia tròcair oirnn, agus gum beannaicheadh e sinn! Agus gun tugadh e air a ghnùis dealrachadh oirnn! Selah.

Is uamhasach thusa, a Dhè, od ionadan naomha! Is e Dia Israeil a bheir neart agus treòir da shluagh. Guma beannaichte Dia!

Agus thug e suas a neart gu braighdeanas, agus a ghlòir do làimh an nàmhaid;

A’ dol tro ghleann Baca, nì iad sin tobar ann; lìonaidh mar an ceudna an t‑uisge na linneachan.

Iarraibh an Tighearna agus mairidh sibh beò; air eagal gum bris e mar theine air taigh Iòseiph, agus gun loisg e taigh Israeil, agus nach bi aon neach ann gu a mhùchadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan