1 Eachdraidh 15:29Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a thàinig àirc coicheangal an Tighearna a‑steach do bhaile Dhaibhidh, bha Michal nighean Shauil ag amharc a‑mach air uinneig, agus chunnaic i rìgh Daibhidh a’ dannsa agus a’ cluich; agus rinn i tàir air na cridhe. Faic an caibideil |
Agus tàrlaidh, nuair a thèid sibh an lìonmhorachd agus am meud anns an fhearann, anns na làithean sin, deir an Tighearna, chan abair iad nas mò, Airc coicheangail an Tighearna, cha mhò a thig i nan aire, cha mhò a chuimhnicheas iad i, cha mhò a bheir iad sùil na dèidh, cha mhò a nìthear sin tuilleadh.
Guth aoibhneis, agus guth subhachais, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda; guth na muinntir a their, Molaibh-se Tighearna nan sluagh, oir tha an Tighearna math, oir tha a thròcair buan gu sìorraidh; agus na muinntir a bheir an ìobairt-mholaidh gu taigh an Tighearna: oir bheir mise air a h‑ais bruid an fhearainn, mar air tùs, deir an Tighearna.