Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 15:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha Daibhidh sgeadaichte le fallaing de anart grinn, agus na Lèbhithich uile a bha a’ giùlan na h‑àirce, agus an luchd-ciùil, agus Chenaniah, an t‑àrd fhear-seinn, am measg an luchd-ciùil: air Daibhidh mar an ceudna bha èphod anairt.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus dhanns Daibhidh le a uile neart am fianais an Tighearna, agus bha Daibhidh crioslaichte le èphod lìn-aodaich.

Mar seo thug Israel uile suas àirc coicheangal an Tighearna le iolaich, agus le fuaim a’ bhuabhaill, agus le trompaidean, agus le ciombalan, a’ dèanamh co‑sheirm le saltairean agus clàrsaichean.

Agus is iad sin iadsan a chuir Daibhidh os cionn seirbhis a’ chiùil ann an taigh an Tighearna an dèidh don àirc fois fhaghail.

Na sgàthanan, agus na lèintean anairt, agus na curraicean, agus na bratan-sgàile.

Ach fhritheil Samuel an làthair an Tighearna, agus e na leanabh, air a chrioslachadh le èphod de lìon-aodach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan