An sin thubhairt Daibhidh, Cha chòir do neach air bith àirc Dhè iomchar, ach do na Lèbhithich: oir iadsan roghnaich an Tighearna gu àirc Dhè iomchar, agus gu frithealadh dha gu bràth.
Agus thubhairt e ris na Lèbhithich a theagaisg Israel uile, a bha naomh don Tighearna, Cuiribh an àirc naomh anns an taigh a thog Solamh, mac Dhaibhidh, rìgh Israeil; cha bhi i na h‑eallaich air ur guaillean: dèanaibh seirbhis a‑nis don Tighearna ur Dia, agus da shluagh Israel:
Anns an àm sin chuir an Tighearna air leth treubh Lèbhi, a ghiùlan àirc coicheangal an Tighearna, a sheasamh an làthair an Tighearna gu frithealadh dha, agus a bheannachadh na ainm, gus an là‑an‑diugh.
Agus sgrìobh Maois an lagh seo, agus thug e e do na sagartan, mic Lèbhi, a tha a’ giùlan àirc coicheangal an Tighearna, agus do sheanairean Israeil uile.
Agus dh’àithn iad don t‑sluagh, ag ràdh, Nuair a chì sibh àirc coicheangal an Tighearna ur Dia, agus na sagartan, na Lèbhithich, ga giùlan, an sin gluaisidh sibh o ur n‑àite, agus thèid sibh na dèidh.
Agus ghairm Iosua mac Nuin air na sagartan, agus thubhairt e riu, Togaibh suas àirc a’ choicheangail, agus giùlaineadh seachd sagartan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan ro àirc an Tighearna.