Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 15:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus maille riu am bràithrean den dara ceum, Sechariah, Ben, agus Iaasiel, agus Semiramot, agus Iehiel, agus Uni, Eliab, agus Benaiah agus Maaseiah, agus Matitiah, agus Elipheleh, agus Micneiah, agus Obed-edom, agus Ieiel, na dorsairean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus cha b’àill le Daibhidh àirc an Tighearna a thionndadh da ionnsaigh fhèin gu baile Dhaibhidh: ach thug Daibhidh a lethtaobh i gu taigh Obed-edoim an Giteach.

Agus thàinig iad agus ghlaodh iad ri dorsairean a’ bhaile, agus dh’innis iad dhaibh, ag ràdh, Chaidh sinne gu camp nan Sirianach, agus, feuch, cha robh duine air bith an sin, no guth duine, ach eich ceangailte, agus asail ceangailte, agus na bùthan mar a bha iad.

Agus dh’fhan àirc Dhè maille ri teaghlach Obed-edoim na thaigh trì mìosan. Agus bheannaich an Tighearna taigh Obed-edoim, agus gach nì a bha aige.

Uime sin dh’òrdaich na Lèbhithich Heman mac Ioeil; agus de a bhràithrean, Asaph mac Bherechiah; agus de mhic Merari am bràithrean, Etan mac Chusaiah:

Agus bha an luchd-ciùil, Hemen, Asaph, agus Etan, gu fuaim a dhèanamh le ciombalan umha;

Agus Sechariah, agus Asiel, agus Semiramot, agus Iehiel, agus Uni, agus Eliab, agus Maaseiah, agus Benaiah, le saltairean air Alamot;

Agus Matitiah, agus Elipheleh, agus Micneiah, agus Obed-edom, agus Ieiel, agus Asasiah, le clàrsaichean air Seminit a thoirt barrachd.

Agus Obed-edom, agus am bràithrean, ochd agus trì-fichead: Obed-edom mar an ceudna, mac Iedutuin, agus Hosah, nan dorsairean:

B’e bràthair Mhichah Isiah: de mhic Isiah: Sechariah.

Do Obed-edom mu dheas, agus da mhic taigh Asupim.

Agus mic Obed-edoim: Semaiah an ciad-ghin, Iehosabad an dara, Ioah an treasa, agus Sacar an ceathramh, agus Netaneel an còigeamh,

Iad sin uile de mhic Obed-edoim: iad fhèin, agus am mic, agus am bràithrean, daoine comasach ann an neart fa chomhair na seirbhis, nan trì-fichead agus a dhà, o Obed-edom.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan