Agus maille riu am bràithrean den dara ceum, Sechariah, Ben, agus Iaasiel, agus Semiramot, agus Iehiel, agus Uni, Eliab, agus Benaiah agus Maaseiah, agus Matitiah, agus Elipheleh, agus Micneiah, agus Obed-edom, agus Ieiel, na dorsairean.
Agus maille riùsan Heman agus Iedutun, agus a’ chuid eile a thaghadh, a ghairmeadh air an ainmean, a thoirt cliù don Tighearna, a chionn gu bheil a thròcair bithbhuan:
Eadhon maille riùsan Heman agus Iedutun le trompaidean, agus le ciombalan, a’ dèanamh fuaim, agus le innealan-ciùil Dhè: agus bha mic Iedutuin nan dorsairean.