1 Eachdraidh 15:16Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus labhair Daibhidh ri uachdarain nan Lèbhitheach, am bràithrean òrdachadh a bhith nan luchd-ciùil le innealan-ciùil, saltairean, agus clàrsaichean, agus ciombalan, a’ dèanamh fuaim, a’ togail suas a’ ghutha le aoibhneas. Faic an caibideil |
An sin bha na Lèbhithich, an luchd-seinn, agus iad uile de chloinn Asaiph, Hemain, agus Iedutuin, maille rim mic agus am bràithrean, air dhaibh a bhith air an sgeadachadh ann an lìon-aodach geal, le ciombalan, agus le saltairean, agus le clàrsaichean, nan seasamh aig a’ cheann an ear den altair, agus maille riu ceud agus fichead sagart a’ dèanamh fuaim le trompaidean);
Agus bha iad mar aon a’ dèanamh fuaim le trompaidean, agus a’ seinn, a thoirt air aon ghuth a bhith air a chluinntinn a mholadh agus a thoirt buidheachais don Tighearna. Ach nuair a thog iad suas an guth leis na trompaidean, agus na ciombalan, agus na h‑innealan-ciùil, agus a bha iad a’ moladh an Tighearna, a chionn gu bheil e math, a chionn gum mair a thròcair gu bràth; an sin lìonadh an taigh le neul, taigh an Tighearna.
Agus dh’fheith na sagartan air an dreuchd; na Lèbhithich mar an ceudna le innealan-ciùil an Tighearna, a rinn Daibhidh an rìgh a mholadh an Tighearna, a chionn gum mair a thròcair gu bràth, nuair a bha Daibhidh a’ cliùthachadh len làimh-san: agus shèid na sagartan trompaidean romhpa, agus sheas Israel uile.
Guth aoibhneis, agus guth subhachais, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda; guth na muinntir a their, Molaibh-se Tighearna nan sluagh, oir tha an Tighearna math, oir tha a thròcair buan gu sìorraidh; agus na muinntir a bheir an ìobairt-mholaidh gu taigh an Tighearna: oir bheir mise air a h‑ais bruid an fhearainn, mar air tùs, deir an Tighearna.