Agus thubhairt an rìgh, Tilleadh e a dh’ionnsaigh a thaighe fhèin, agus na faiceadh e mo ghnùis-sa. Agus thill Absalom a dh’ionnsaigh a thaighe fhèin, agus chan fhaca e gnùis an rìgh.
Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh anns an daingneach, agus thug e Baile Dhaibhidh mar ainm air; agus thog Daibhidh aitreabh mun cuairt, o Mhilo agus air an taobh a‑staigh.
Agus dh’innseadh do rìgh Daibhidh, ag ràdh, Bheannaich an Tighearna taigh Obed-edoim, agus gach nì a bhuineas dha, airson àirc Dhè. Uime sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e a‑nìos àirc Dhè à taigh Obed-edoim gu baile Dhaibhidh le gàirdeachas.
Agus thug iad a‑steach àirc an Tighearna, agus chuir iad suas i na h‑àite, ann am meadhon a’ phàillein a shuidhich Daibhidh air a son: agus thug Daibhidh suas ìobairtean-loisgte am fianais an Tighearna, agus ìobairtean-sìthe.
Agus thubhairt e riu, Is sibhse cinn athraichean nan Lèbhitheach: naomhaichibh sibh fhèin, sibhse agus ur bràithrean, a‑chum gun toir sibh suas àirc an Tighearna Dia Israeil, a dh’ionnsaigh an àit a dh’ullaich mise dhi:
Agus chruinnich Daibhidh Israel uile an ceann a chèile gu Ierusalem, gu àirc an Tighearna a thoirt suas a dh’ionnsaigh a h‑àite, a dh’ullaich e air a son.
Agus thug iad a‑steach àirc Dhè, agus chuir iad i ann am meadhon a’ bhùtha a shuidhich Daibhidh air a son: agus thug iad seachad ìobairtean-loisgte agus ìobairtean-sìth am fianais Dhè.
An sin chruinnich Solamh seanairean Israeil, agus cinn nan treubh uile, ceannardan athraichean chloinn Israeil, gu Ierusalem, a‑chum gun tugadh iad a‑nìos àirc coicheangal an Tighearna à baile Dhaibhidh, as e Sion.