Agus chaidh triùir de na deich-ceannardan-fichead sìos, agus thàinig iad ann an àm an fhogharaidh a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, do uaimh Adullaim: agus champaich buidheann nam Philisteach ann an gleann Rephaim.
A‑nis chaidh triùir de na deich-ceannardan-fichead sìos don charraig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, gu uaimh Adullaim: agus champaich feachd nam Philisteach ann an gleann Rephaim.
Agus dh’fhiosraich Daibhidh de Dhia, ag ràdh, An tèid mi suas an aghaidh nam Philisteach, agus an toir thu thairis iad am làimh? Agus thubhairt an Tighearna ris, Gabh suas, agus bheir mi thairis iad ad làimh.
Agus nuair a chuala na Philistich gun d’ungadh Daibhidh na rìgh air Israel uile, thàinig na Philistich gu lèir a‑nìos a dh’iarraidh Dhaibhidh: agus chuala Daibhidh sin, agus chaidh e a‑mach nan aghaidh.
Agus bidh e amhail nuair a chruinnicheas neach fogharadh an arbhair, agus a bhuaineas a ghàirdean na diasan; agus bidh e amhail a thionaileas neach diasan ann an gleann Rephaim.