Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 14:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh Daibhidh tuilleadh bhan ann an Ierusalem; agus ghin Daibhidh fhathast mic agus nigheanan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Daibhidh dha fhèin tuilleadh choileabach agus bhan à Ierusalem, an dèidh dha teachd à Hebron: agus rugadh fhathast mic agus nigheanan do Dhaibhidh.

Agus bha seachd ceud bean aige, mar bhànrighinnean, agus trì cheud coileabach: agus thug a mhnathan air a chridhe claonadh.

Agus dh’aithnich Daibhidh gun do dhaingnich an Tighearna e na rìgh air Israel, agus gun d’àrdaicheadh gu mòr a rìoghachd airson a shluaigh Israel.

Agus is iad seo ainmean a chloinne a bha aige ann an Ierusalem; Samua, agus Sobab, Nàtan, agas Solamh,

Agus dem mhic uile (oir thug an Tighearna mòran mhac dhomh), roghnaich e Solamh mo mhac gu suidhe air rìgh-chathair rìoghachd an Tighearna os cionn Israeil.

Caith do bheatha gu subhach leis a’ mhnaoi as ionmhainn leat rè uile làithean beatha do dhìomhanais, a thug e dhut fon ghrèin: oir is e seo do chuibhreann anns a’ bheatha seo, agus ann ad shaothair a ghabhas tu fon ghrèin.

Gidheadh tha sibh ag ràdh, Carson? A chionn gu robh an Tighearna na fhianais eadar thu agus bean d’òige, ris an do bhuin thu gu fealltach: gidheadh b’i do bhana-chompanach i, agus bean do choicheangail.

Thubhairt esan riu, Dh’fhuiling Maois dhuibhse, airson cruas ur cridhe, ur mnathan a chur uaibh: ach cha robh e mar sin o thùs.

Cha mhò a chuireas e mnathan an lìonmhorachd dha fhèin, a‑chum nach claon a chridhe air falbh; cha mhò a mheudaicheas e gu mòr dha fhèin airgead agus òr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan