A‑nis uime sin, mar seo their thu rim sheirbhiseach Daibhidh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thug mise thu o mhainnir nan caorach, o bhith a’ leantainn nan caorach, gu bhith ann ad cheannard air mo shluagh, air Israel:
Guma beannaichte an Tighearna do Dhia, a ghabh tlachd annad gud chur air rìgh-chathair Israeil: a chionn gu bheil gràdh aig an Tighearna do Israel gu bràth, uime sin rinn e thusa ad rìgh, a dhèanamh breitheanais agus ceartais.
Agus bu bheag seo ad shùilean-sa, O Dhè, oir labhair thu mar an ceudna mu thaigh do sheirbhisich rè aimsir fhada ri teachd, agus thug thu meas orm a rèir staid duine àrd-inbhich, a Thighearna Dhè.
Agus, feuch, bheir mi dod sheirbhisich, na gearradairean a ghearras fiodh, fichead mìle tomhas de chruithneachd buailte, agus fichead mìle tomhas eòrna, agus fichead mìle bat fìona, agus fichead mìle bat ola.
Agus fhreagair Huram rìgh Thìruis ann an sgrìobhadh, a chuir e a dh’ionnsaigh Sholaimh, A chionn gu bheil gràdh aig an Tighearna da shluagh, rinn e thusa ad rìgh os an cionn.
Oir ma bhios tusa gu tur ad thosd anns an àm seo, thig lasachadh agus saorsa do na h‑Iùdhaich o àit eile; ach sgriosar thusa agus taigh d’athar: agus cò aig a bheil fhios nach ann airson a leithid seo de àm a thàinig thu don rìoghachd?
Ach dom thaobh-sa chan eil an diamhaireachd seo air a leigeadh ris dhomh airson gliocais air bith a tha agam thar aon duine beò, ach air an son-san a nì a’ bhrìgh aithnichte don rìgh; agus a‑chum gum biodh fhios agadsa air smuaintean do chridhe:)
Sruthaidh an t‑uisge a‑mach as a shoithichean, agus bidh a shliochd ann am mòran uisgeachan, agus bidh a rìgh nas àirde na Agag, agus àrdaichear a rìoghachd.
Agus tàrlaidh, ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, a choimhead agus a dhèanamh a àithneantan uile, a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh, gun cuir an Tighearna do Dhia suas thu os cionn uile chinnich na talmhainn.