Agus nuair a chluinneas tu fuaim siubhail ann am barran craobhan nan smeur, an sin thèid thu a‑mach a‑chum catha; oir thèid Dia a‑mach romhad, a bhualadh feachd nam Philisteach.
Agus nuair a dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, thubhairt e, Cha tèid thu suas; ach gabh mun cuairt air an cùlaibh, agus thig orra fa chomhair craobhan nan smeur.
Feuch, cuiridh mise spiorad ann, agus cluinnidh e tuairisgeul, agus tillidh e da thìr fhèin; agus bheir mise air tuiteam leis a’ chlaidheamh na thìr fhèin.
Oir thug an Tighearna air feachd nan Sirianach fuaim charbad a chluinntinn, agus fuaim each, eadhon fuaim slòigh mhòir: agus thubhairt iad gach fear ri chèile, Feuch, thuarasdalaich rìgh Israeil nar n‑aghaidh rìghrean nan Hiteach, agus rìghrean nan Eiphiteach, gu teachd oirnn.
Uime sin dh’fhiosraich Daibhidh a‑rìs de Dhia; agus thubhairt Dia ris, Na gabh suas nan dèidh; tionndaidh air falbh uapa, agus thig orra fa chomhair craobhan nan smeur.
Fuaim mòr-chuideachd anns na slèibhtean amhail sluagh mòr; fuaim luasgadh rìoghachdan chinneach air an cruinneachadh le chèile; tha Tighearna nan sluagh a’ deasachadh feachd a‑chum catha.
Agus orrasan a dh’fhàgar beò dhibh, cuiridh mise laigse nan cridheachan ann an dùthchannan an naimhdean; agus cuiridh fuaim duilleig air chrith iad air theicheadh; agus teichidh iad, mar gum biodh iad a’ teicheadh on chlaidheamh; agus tuitidh iad nuair nach bi neach an tòir orra.
Agus thubhairt Deborah ri Barac, Eirich; oir is e seo an là anns an tug an Tighearna Sisera thairis dod làimh: nach eil an Tighearna air dol a‑mach romhad? Agus chaidh Barac sìos o shliabh Thaboir, agus deich mìle fear na dhèidh.
Agus nuair a chuala Gideon aithris na h‑aislinge, agus a h‑eadar-mhìneachadh, rinn e adhradh; agus thill e gu feachd Israeil, agus thubhairt e, Eiribh, oir thug an Tighearna thairis dur làimh feachd Mhidiain.