Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 14:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig iad gu Bàal-perasim; agus bhuail Daibhidh an sin iad. Agus thubhairt Daibhidh, Bhris Dia mo naimhdean o chèile lem làimh-sa, mar bhriseadh uisgeachan: uime sin thug iad Bàal-perasim mar ainm air an àite sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Daibhidh gu Bàal-perasim, agus bhuail Daibhidh iad an sin, agus thubhairt e, Bhris an Tighearna o chèile mo naimhdean am fhianais, mar bhriseadh uisgeachan. Uime sin thug e Bàal-perasim mar ainm air an àite sin.

Agus dh’fhiosraich Daibhidh de Dhia, ag ràdh, An tèid mi suas an aghaidh nam Philisteach, agus an toir thu thairis iad am làimh? Agus thubhairt an Tighearna ris, Gabh suas, agus bheir mi thairis iad ad làimh.

Agus dh’fhàg iad an diathan an sin, agus thug Daibhidh àithne, agus loisgeadh iad le teine.

Mar bhriseadh a‑steach leathann thàinig iad, mar ann an lèirsgrios thaom iad a‑steach.

Beannaichte gu robh an Tighearna, mo charraig, a theagaisgeas mo làmhan gu cath, mo mheòir gu còmhrag;

Is esan a bheir buaidh do rìghrean, a shaoras Daibhidh, a òglach fhèin, on chlaidheamh mhillteach.

Oir chan ann len claidheamh fhèin a fhuair iad sealbh anns an tìr, agus chan e an gàirdean fhèin a shaor iad, ach do dheaslàmh agus do ghàirdean-sa agus solas do ghnùise, a chionn gu robh deagh-ghean agad dhaibh.

Agus thill na h‑uisgeachan, agus dh’fhalaich iad na carbadan, agus am marc-shluagh, agus armailt Phàraoh uile, a thàinig anns an fhairge nan dèidh: cha d’fhàgadh uiread is a h‑aon dhiubh.

Oir èiridh an Tighearna suas, mar ann an sliabh Pherasim, bidh corraich air mar ann an gleann Ghibeoin; a‑chum gun coilean e a obair fhèin, obair neo-ghnàthach; agus gun dèan e a ghnìomh fhèin, a ghnìomh coimheach.

Agus thùirling an t‑uisge, agus thàinig na tuiltean, agus shèid na gaothan, agus bhuail iad air an taigh sin: agus thuit e; agus bu mhòr a thuiteam.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan