Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 14:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis chuir Hiram rìgh Thìruis teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus clachairean, agus saoir, a thogail taighe dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Thubhairt an rìgh ri Nàtan am fàidh, Feuch a‑nis, tha mise am chòmhnaidh ann an taigh seudair, ach tha àirc Dhè na còmhnaidh an taobh a‑staigh de chùirteanan.

Agus chuir Hiram, rìgh Thìruis, a sheirbhisich a dh’ionnsaigh Sholaimh, nuair a chuala e gun d’ungadh e na rìgh an àit a athar: oir bha spèis aig Hiram do Dhaibhidh rè a uile làithean.

Agus bha aig Solamh deich agus trì-fichead mìle fear-iomchair eallaich, agus ceithir-fichead mìle fear-gearraidh anns a’ bheinn;

Agus shnaidh clachairean Sholaimh, agus clachairean Hiraim, agus na gearradairean-chlach iad: mar sin rè trì bliadhna dheasaich iad fiodh agus clachan a thogail an taighe.

A‑nis uime sin, àithn thusa gun geàrr iad dhòmhsa craobhan seudair à Lebanon; agus bidh mo sheirbhisich-sa maille rid sheirbhisich-sa: agus tuarasdal do sheirbhiseach bheir mise dhut, a rèir gach nì a dh’ainmicheas tu: oir tha fhios agad nach eil nar measg-ne duine don aithne fiodh a ghearradh mar na Sìdonaich.

Agus dh’aithnich Daibhidh gun do dhaingnich an Tighearna e na rìgh air Israel, agus gun d’àrdaicheadh gu mòr a rìoghachd airson a shluaigh Israel.

A‑nis nuair a bha Daibhidh na shuidhe na thaigh, thubhairt Daibhidh ri Nàtan am fàidh, Feuch, tha mise am chòmhnaidh ann an taigh seudair, ach tha àirc coicheangal an Tighearna fo chùirteanan.

Agus dh’àithn Daibhidh na coigrich a bha ann am fearann Israeil a chruinneachadh an ceann a chèile; agus chuir e clachairean a ghearradh chlach snaidhte a thogail taigh Dhè.

Agus dh’àireamh Solamh a‑mach deich agus trì-fichead mìle fear-iomchair eallach, agus ceithir fichead mìle fear-gearraidh anns a’ bheinn, agus trì mìle agus sia ceud a shealltainn thairis orra.

Agus chuir Solamh teachdaire gu Huram rìgh Thìruis, ag ràdh, Mar a rinn thu ri Daibhidh m’athair, agus a chuir thu da ionnsaigh craobhan seudair a thogail taighe dha gu còmhnaidh a ghabhail ann, dèan riumsa:

Ach thug iad airgead do na snaidheadairean agus don luchd-ceàirde; agus biadh, agus deoch, agus ola do na Sìdonaich agus do na Tìoraich, a‑chum gun tugadh iad fiodh seudair o Lebanon gu muir Iopa, a rèir a’ chomais a fhuair iad o Chìrus rìgh Phersia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan