Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 13:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin chruinnich Daibhidh Israel uile an ceann a chèile, o Shihor na h‑Eiphit gu dol a‑steach Hamait, a‑chum àirc Dhè a thoirt o Chiriat-iearim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus chruinnich Daibhidh fhathast an ceann a chèile fir thaghte Israeil uile, deich-mìle-fichead.

Agus rìghich Solamh os cionn nan rìoghachdan uile, on abhainn gu tìr nam Philisteach, agus gu ruig crìoch na h‑Eiphit: thug iad leo tìodhlacan, agus rinn iad seirbhis do Sholamh rè uile làithean a bheatha.

Agus chùm Solamh anns an àm sin fèill, agus Israel uile maille ris, coitheanal mòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit, am fianais an Tighearna ar Dia, seachd làithean agus seachd làithean, eadhon ceithir-là‑deug.

Agus bhuail rìgh Bhàbiloin iad, agus mharbh e iad aig Riblah, ann an tìr Hamait. Agus thugadh Iùdah air falbh as an tìr fhèin.

Agus thubhairt an co‑chruinneachadh gu lèir gum bu chòir sin a dhèanamh; oir bha an nì ceart ann an sùilean an t‑sluaigh uile.

Agus chaidh Daibhidh suas, agus Israel uile do Bhàalah, eadhon gu Ciriat-iearim a bhuineadh do Iùdah, a thabhairt leo as a sin àirc Dhè an Tighearna, a tha a chòmhnaidh eadar na ceruban, air an gairmear a ainm.

Agus chruinnich Daibhidh Israel uile an ceann a chèile gu Ierusalem, gu àirc an Tighearna a thoirt suas a dh’ionnsaigh a h‑àite, a dh’ullaich e air a son.

Agus sìol Shioir o uisgeachan mòra, fàs na h‑aibhne, b’e sin a teachd-a‑steach: agus bha i na margadh do na cinnich.

Agus a‑nis ciod do ghnothach ri slighe na h‑Eiphit, a dh’òl uisgeachan Shihoir? No ciod do ghnothach ri slighe Asiria, a dh’òl uisgeachan na h‑aibhne?

Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat-iearim.

Agus chuir iad teachdairean a dh’ionnsaigh luchd-àiteachaidh Chiriat-iearim, ag ràdh, Thug na Philistich air a h‑ais àirc an Tighearna; thigibh a‑nuas, thugaibh suas i dur n‑ionnsaigh.

Agus thàinig daoine Chiriat-iearim, agus thug iad suas àirc an Tighearna, agus thug iad a‑steach i do thaigh Abinadaib ann an Gibeah, agus naomhaich iad a mhac Eliàsar, a ghleidheadh àirc an Tighearna.

Agus thàrladh, on là a dh’fhan an àirc ann an Ciriat-iearim, gu robh an aimsir fada, oir bha fichead bliadhna ann; agus rinn taigh Israeil uile caoidh an dèidh an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan