Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 13:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Daibhidh ri uile cho-chruinneachadh Israeil, Ma chìthear iomchaidh dhuibh, agus gur ann on Tighearna ar Dia a tha a’ chùis, cuireamaid fios a‑mach a dh’ionnsaigh ar bràithrean anns gach àite, a dh’fhàgadh ann an uile thìr Israeil, agus maille riùsan a dh’ionnsaigh nan sagart agus nan Lèbhitheach a tha nam bailtean lem fearann co‑roinn, iad gan cruinneachadh fhèin thugainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus labhair iadsan ris, ag ràdh, Ma bhios tusa an‑diugh ad sheirbhiseach aig an t‑sluagh seo, agus gun dèan thu seirbhis dhaibh, agus gum freagair thu iad, agus gun labhair thu facail mhatha riu, an sin bidh iadsan agadsa nan seirbhisich gu bràth.

Ach thill rìgh Ioram gu bhith air a leigheas ann an Iesreel o na lotan a thug na Sirianaich dha, nuair a chog e ri Hasael rìgh Shiria). Agus thubhairt Iehu, Mas e ur toil e, na rachadh neach air bith a‑mach, agus na teicheadh e as a’ bhaile, gu dol ga innse ann an Iesreel.

Agus nuair a chunnaic uile fhir Israeil a bha anns a’ ghleann gun do theich iad, agus gu robh Saul agus a mhic marbh, an sin thrèig iad am bailtean, agus theich iad; agus thàinig na Philistich, agus chòmhnaich iad annta.

Agus chuir Daibhidh a chomhairle riùsan a bha os cionn mhìltean agus cheud, ris gach uile cheannard.

Agus thugamaid a‑rìs àirc ar Dè dar n‑ionnsaigh: oir cha d’fhiosraich sinn dheth ann an làithean Shauil.

Ma nì thu an nì seo, agus gun àithn Dia sin dhut, an sin is urrainn thu seasamh ris, agus mar an ceudna thèid an sluagh seo uile dan àite fhèin ann an sìth.

Gun chomhairle, thig rùintean gu neoni; ach ann an lìonmhorachd chomhairleach daingnichear iad.

Theagamh gun tabhair an Tighearna do Dhia fa‑near briathran Rab-saceh, a chuir a thighearna rìgh Asiria a mhaslachadh an Dè bheò; agus gun cronaich e na briathran a chuala an Tighearna do Dhia: cuir thusa, matà, suas ùrnaigh airson an iarmaid a dh’fhàgadh.

A‑nis chog na Philistich an aghaidh Israeil; agus theich fir Israeil o fhianais nam Philisteach, agus thuit iad sìos marbh ann an sliabh Ghilbòa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan