Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 13:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin cha tug Daibhidh an àirc da ionnsaigh fhèin gu baile Dhaibhidh; ach thug e a lethtaobh i gu taigh Obed-edoim an Giteach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus theich na Beerotaich gu Gitaim, agus tha iad nan luchd-cuairt an sin gu ruig an là‑an‑diugh:)

Agus chruinnich Daibhidh fhathast an ceann a chèile fir thaghte Israeil uile, deich-mìle-fichead.

Agus bha eagal air Daibhidh ro Dhia air an là sin, agus thubhairt e, Cionnas a bheir mise àirc Dhè dhachaigh am ionnsaigh?

Agus maille riu am bràithrean den dara ceum, Sechariah, Ben, agus Iaasiel, agus Semiramot, agus Iehiel, agus Uni, Eliab, agus Benaiah agus Maaseiah, agus Matitiah, agus Elipheleh, agus Micneiah, agus Obed-edom, agus Ieiel, na dorsairean.

Mar sin chaidh Daibhidh agus seanairean Israeil, agus na ceannardan mhìltean, a thoirt suas àirc coicheangal an Tighearna à taigh Obed-edoim le aoibhneas.

Aspah an ceann, agus na dhèidh-san Sechariah, an sin Ieiel, agus Semiramot, agus Ieheil, agus Matitiah, agus Eliab, agus Benaiah, agus Obed-edom; agus Ieiel le saltairean agus clàrsaichean; agus Asaph le ciombalan a’ dèanamh fuaim:

Agus mic Obed-edoim: Semaiah an ciad-ghin, Iehosabad an dara, Ioah an treasa, agus Sacar an ceathramh, agus Netaneel an còigeamh,

Iad sin uile de mhic Obed-edoim: iad fhèin, agus am mic, agus am bràithrean, daoine comasach ann an neart fa chomhair na seirbhis, nan trì-fichead agus a dhà, o Obed-edom.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan