Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 13:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha eagal air Daibhidh ro Dhia air an là sin, agus thubhairt e, Cionnas a bheir mise àirc Dhè dhachaigh am ionnsaigh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Ach an gabh Dia da‑rìribh còmhnaidh air an talamh? Feuch, cha chùm na nèamhan agus nèamhan nan nèamh thusa; cia mòr as lugha na sin an taigh seo a thog mise?

Agus bha doilgheas air Daibhidh a chionn gun do rinn an Tighearna briseadh air Usa: agus thug e Peres-usa mar ainm air an àite sin gu ruig an là‑an‑diugh.

Uime sin cha tug Daibhidh an àirc da ionnsaigh fhèin gu baile Dhaibhidh; ach thug e a lethtaobh i gu taigh Obed-edoim an Giteach.

Ach cha b’urrainn Daibhidh dol na làthair, a dh’fhiosrachadh de Dhia; oir bha e fo eagal airson claidheamh aingeal an Tighearna.

Chriothnaich m’fheòil le uamhann romhad, agus bha eagal orm rod bhreitheanais.

Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh.

Ach nuair a thàinig esan a fhuair an t‑aon tàlann, thubhairt e, A thighearna, bha fhios agam gur duine cruaidh thu, a bhuaineas anns an àite anns nach do chuir thu, agus a thionaileas anns an ionad anns nach do sgaoil thu;

Agus thubhairt daoine Bhet-semeis, Cò as urrainn seasamh an làthair an Tighearna, an Dia naomh seo? Agus cò a dh’ionnsaigh an tèid i suas uainne?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan